ORAN A PHRIONNSA ~ KATHLEEN MACINNES ~ (Lyrics )

Anthony Xavier
Anthony Xavier
22.4 هزار بار بازدید - 8 سال پیش -
Facebook: 100107563413271
https://learngaelic.scot/index.jsp
https://www.duolingo.com/course/gd/en...

~~ORAN A PHRIONNSA~~
A dh'ionnsaighcladach a' chuain ri fuar ghaoth an anmoich
Thàinig Tearlach gu dealrach air Albann 's e sgith
Cha ro reul air a bhroilleach neo freiceadan 'falbh leis
Ach aithne nan gorm-shùil gu daelbhaich a li
'Smar dhaoimein san oidhche bha a' mhaighdean fo thùrsa
'Si cràiteach mu Thearaich 'bhi a' fàgail a dhùthcha
'S bu trom a bha a h-osna 's bu ghoirt deòir bho sùilean
On a chunnaic i an lubhrach a' dlùthadh ri tir.

Bha a' ghaelach a' snàmh thar àirde nan stùc-bheann
'S a gathannan siùbhlach far dlùth-thonn a leum
Gu grad thug i 'n aire mar òigh air a ciùrradh
Gu  sgàil air a gnù is ghil fo shiùil neòil nan speur
Dhan a' ghealaich 's na reultan iad fhéin anns 'sa ghorm-bhrat
Bha osna na gaoithe trom chaoimhneil a' falbh uainn
Bha gearain a' chuain an àm bualadh ri garbh-chreag
Mo léir chreach air Albainn 'sann a mharbhadh na tréun.

Sheas Flòraidh 's Tearlach air tràigh nan tonn caoir-gheal
'S bu reub-chritheach aoignealach an aogasg le cràdh
Cha robh facal fo 'm bilean ach sileadh gun fhaochadh
'S iad aodann ri aodann a' glaodhadh le gràdh
Nuair a thàinig a' bhirlinn 'se a ribhinn a thòisich
Le brist-ghuthan  anabaich 's seanchas gun teôma
Mar chlàrasach 's a teudan gun ghleusadh gun ôrdan
Bha reul nam ban ôga fo dhôrunn'sfo spairn.

'Sa Thearlaich Mhic Sheumais, Mhic Sheumais nan cùirtean
Mar leònadh do chùn bidh mar umbadh gun fheum
Mar leònadh na treun-laoich chan èirich 's cha dùisg iad
Tha trom chadal dùint' shùileach udlaidh an eug (bàs)
Cha ghlac iad lann anns a' champ ri uchd nàmhaid
Cha fhaic iad a' bhratach 's cha ghlac iad air làimh i
Bidh sàile 's am bàs, air fad fàgail o chéile.

'Sa  Thèarlaich Mhic Sheumais ma dh'fheumas tu triall bhuainn
Gu coimhead Mac Dé thu a fiacian nan daoidh
Gun stiùir e an iubhrach feadh dhlùth thonnainn fiadhaich
Gu réidh-shligheach dian-shiùbhlach fior-luath gu tir
'S gum boillsg' iad san oidhche ort na soillsearan nèamhaidh
Gu shiùilmhór gad stiùireadh gu dùthaich nach fheum thu
Nad ògarach brònach fo chòmhdach na reubal
Tha ala-bharrach éididh neo-spéiseil nan cridh.

O Albainn tha 'n t-àm aig do cheann a bhi a' dortadh
Do Phrionns' 'uat air fòdragh 's tu lòchradh san uaigh
Tha crònan do phioban a sior dhiuilteadh ceòl dhuit
'S do chlàrsairean ro-mhilis diùmbach gachuair
Tha cruiteirean sgiamhach nan sior-chrannaibh sàmhach
Cha dòirt iad an ceilearadhma bhroilleach mu Thèarlaich
Cha dùisg iad na treun-laoich a dh'eug anns an fhàsaich
Cha mhosgail o'n bhàs iad aig àirdead a feum.

Ach stad e 's le ròs-bhilean phòg e a' mhaighdinn
'S e siabadh gu coimhneil na deuran bho sùil
Glac sòlas a Fhlòraidh a òganaich Fhrangach
A dh' éireas neo-ghann ruim a bhuannachd mo chrùn
Tha lasgairean ana-bhunach an Albainn a dhùisgeas
Le 'n trusgairean ballabhreac 's le m' armailt math dùbailt
Théid caithream nan garbh-chreach le borb sgread gu lùireadh
'S bi trupairean crùbach gun luths' anns gach cùl,

Ach dh'dhàg e h-aonar a' caoineadh air tràigh i
'S gun dh' fhalabh e 'sa bhàta 's e fàsgadh man dòrn
A 'chliabhair a' lionadh le iargain làn sgàinidh
'S a h-inntinn air luasgann air chuan mar ri Tèarlach
Chan fhaic i e tuilleadh chum na buillean a phàigheadh
Ach mheudaich i gràdh dha gach là bha i beò.
8 سال پیش در تاریخ 1395/02/12 منتشر شده است.
22,486 بـار بازدید شده
... بیشتر